Leabhar Cloinne Gàidhlig na Bliadhna

Tha sinn toilichte ainmeachadh gun deach roinn às ùr a chruthachadh ann an Duaisean A’ Phuist Rìoghail airson Leabhraichean Cloinne Albannach gus urram a chur air an sgrìobhadh Gàidhlig do chloinn as fheàrr a chaidh fhoillseachadh gach bliadhna.
Gach bliadhna bidh an leabhar a bhuannaicheas air a shònrachadh le pannal a tha nan eòlaichean air litreachas-chloinne Gàidhlig. Am bliadhna tha an duais a’ dol gu
Uspaig agus S-S le Màiri C. NicAmhlaigh/dealbhan le Kathleen NicAonghais
Mun leabhar seo:
Tha Seonag-Sìne gu math gnothachail agus caran mòrchuiseach agus den bheachd nach eil cus feum airson rud sam bith sa bhalach phiullach a tha an ath dhoras. Ach tha e a’ cur ìmpidh oirre a dhol air turas sònraichte còmhla ris air an trèana fo-thalamh agus sin far a bheil i a’ faighinn a-mach gu bheil comasan sònraichte aige.
Beachd nam britheamh:
“Leabhar làn de mhac-meanmain, le tionndadh beag moralta ann, a tha a’ coimhead ris an t-saoghal tro shùilean leanaibh. Tha tòrr spòrs an seo; tha an leabhar a’ cluiche le cànain agus a’ toirt air adhart an dàimh a tha eadar na prìomh charactaran. Tlachdmhor agus air a dheagh sgrìobhadh.”
Faodaidh clann aig a bheil Gàidhlig sna buidhnean agaibh lèirmheas a dhèanamh air an leabhar seo, ann an Gàidhlig no ann am Beurla, mar phàirt den cho-fharpais airson lèirmheas air na leabhraichean a fhuair duaisean.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air mar a dh’fhaodas clann sna buidhnean agaibh pàirt a ghabhail ann an Duaisean A’ Phuist Rìoghail airson Leabhraichean Cloinne Albannach 2007, nach tadhail sibh air an làrach-lìn aig www.braw.org.uk/royalmailawards
We are delighted to announce that a new category has been created for the Royal Mail Awards for Scottish Children’s Books to recognise the very best writing for children in Gaelic published each year.
Each year a winning book is selected outright by a panel of experts in Gaelic children’s Literature. This year’s winner is
Uspaig agus S-S le Marie C. NicAmhlaigh/dealbhan le Kathleen NicAonghais
About the book
The rather haughty and clever Seonag-Sine (S-S) thinks the scruffy boy next door (Uspaig) is pretty useless at everything. However, he persuades her to go on a special trip with him on the underground where she discovers he has very special powers indeed
Tha Seonag_Sìne math air a h-uile rud’s chan eil tòrr aice mu Uspaig a that a’fuireach an ath dhoras. Ach cuirish esan mòr-iongnadh oirre nuair a gheibh I a-mach mu na comas an sònraichte a th’aige.
What the judges said;
“An imaginative book with a moral twist, which explores a child’s world form a child’s perspective. Immensely good fun, this book plays with language and really develops the interaction between its main characters. Well written and very enjoyable.”
Gaelic speaking children in your organisation can review this book in either Gaelic or English as part of the awards review competition. If they win they will receive a book token for themselves and a visit to the school by one of the winning authors.
For more information on how children in your organisation can take part in the Royal Mail awards for Scottish Children’s Books 2007, please visit the website at www.braw.org.uk/royalmailawards




